
Alasdair C MacIlleBhàin
ceòladair, cleasaiche, sgrìobhadair
’S ann à Muile a tha Alasdair C MacIlleBhàin. Tha e na sgrìobhadair, na cheòladair agus na chraoladair.
Tha e air iomadach òran ùr is tradaiseanta a ghabhail agus a chlàradh còmhla ri luchd-ciùil fad is farsaing, nam measg clàr leis fhèin (Las, 2012), trì clàran leis a’ chòmhlan WHYTE (MAIM, 2021; Tairm, 2019; Fairich, 2016) agus òrain còmhla ri Niteworks (A’ Ghrian, 2022; NW, 2015) agus Struileag/Shore to Shore (Children of the Smoke, 2014). Tha ceòladairean, còmhlain is còisirean air feadh an t-saoghail air òrain ùra Alasdair a rèiteachadh, a ghabhail air àrd-ùrlar agus a chlàradh.
Ann an 2021, dh’fhoillsich e Maim-slè: leabhar de bhàrdachd agus rosg sean is ùr.
Bha e na sgrìobhadair agus na chleasaiche anns an dealbh-chluich MAIM a chuir Theatre Gu Leòr air àrd-ùrlar ann an 2020.
’S ann air ainmeannan-àite Mhuile agus Ghlaschu a tha sgrìobhadh sgoileireil Alasdair stèidhte sa mhòrchuid thuige seo. Ann an 2017, chaidh PhD a bhuileachadh air le Oilthigh Ghlaschu airson a chuid rannsachaidh air ainmeannan-àite Mhuile. Tha e a-nis na Cho-Eòlaiche Rannsachaidh ann an Ainm-Eòlas Ceilteach aig an dearbh oilthigh.
Chaidh ainmeachadh mar Thosgaire na Gàidhlig le Riaghaltas na h-Alba ann an 2019 agus 2020.
Tha e na Stiùiriche aig Co-Roinn Ghàidhlig Mhuile is Idhe, Dòrlach, Comann Mhuile is Idhe agus An Tobar & Mull Theatre.
COIMISEANAN
Tha Alasdair fosgailte do choimiseanan sgrìobhaidh agus ciùil. Chaidh fhastadh gus òrain, ceòl, bàrdachd agus dràma ùr a dhèanadh do ghrunn bhuidhnean, pròiseactan agus còisirean, leithid Theatre Gu Leòr (‘MAIM’), Leabharlann Bàrdachd na h-Alba (‘Uile gu lèir / Vision’), Comann Gàidhealach Mhuile (‘Muile nam buadh’), Fèis na h-Òige (‘Buachaill’ Èite’) agus Ceòl is Craic (‘Blàth na Bealtainne’), a thuilleadh air còmhlain leithid Tide Lines (‘Sealladh do shùl’).
BEÒ
BÙTH
Cuir Brath
Contact
info@alasdaircwhyte.com
Management: grace@thebothysociety.com